Cuir stad air Blair !

Athchuinge an aghaidh ainmeachadh Tònaidh Blair mar “Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich”

Tha sinne, cathairichean Eòrpach de gach gnè agus de gach creideamh poilitigeach, airson dearbhadh gu bheil sinn gu tur an aghaidh ainmeachadh Tònaidh Blair mar Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich.

Tha Cùmhnant Lisboin a’ solarachadh dreuchd ùir, Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, a thèid a thaghadh leis a’ Chomhairle airson rèim, nach tèid ùrachadh ach aon uair, de dhà bhliadhna gu leth. A-rèir teirmean a’ Chùmhnaint, “Bidh Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich anns a’ chathair, a’ brosnachadh a cuid obrach”, agus “bidh e an urra ri deasachadh agus leantainneachd obair na Comhairle Eòrpaich”. A thuilleadh air an sin, “Bidh Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, aig an ìre aige agus anns an dreuchd sin, an eisimeil ri riochdachadh an Aonaidh air an taobh a-muigh mu chuspairean a bhuineas r’a phoileasaidh a-thaobh dhùthchannan cèin agus tèarainteachd.”±.

Bidh àite air leth aigesan a bhios mar Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich ann a bhith a’ stiùireadh poileasaidhean an Aonaidh Eòrpaich, cho math ris an dàimhealachd a bhios aige ris a’ chòrr de’n t-saoghal. ’S e samhla gu math faicsinneach a bhios ann an ceud Cheannas na Comhairle, an dà chuid do chathairichean an Aonaidh Eòrpaich fhèin, agus a-thaobh cliù an Aonaidh air feadh an t-saoghail. Tha sinn a’ creidsinn a-rèisde gu bheil e riatanach gun riochdaich a’ cheud cheann-suidhe spiorad agus luachan a’ phròiseict Eòrpaich.

Bho chionn greiseag mhath a-nis tha cunntasan-naidheachd, ’s iad a’ sìor fhàs nas gèire, air sealltainn gu bheil buidhnean sònraichte ann a mhiannaicheas gun tèid Tònaidh Blair a thaghadh mar cheud Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich. Bhiodh an roghainn seo, nan tachradh i idir, gu tur an aghaidh nan luachan a tha gnàthaichte do’n phròiseact Eòrpach.

A dh’ aindeoin lagh eadar-nàiseanta, thug Tònaidh Blair air an dùthaich aige fhèin cogadh a dhèanamh ann an Iorac, ged a bha a’ mhòr-chuid de chathairichean Eòrpach ’na aghaidh. Air sgàth a’ chogaidh seo chaidh ceudan de mhìltean a mharbhadh, agus na mìltean eile de dh’ fhògarraich fhuadachadh. ’S e dh’ adhbhraich, gu ìre mhòir, cho uile-gu-lèir cunnartach ’s a tha an suidheachadh anns an Ear-Mheadhanach, agus gu dearbh cho lag ’s a tha tèarainteachd an t-saoghail. Gus an dùthaich aige a ghreasadh gu cogaidh, rinn Mgr Blair feum gu cùramach de dh’ fhianais fhuadain agus de dh’ ath-dhealbhadh fiosrachaidh. Nan deach ’ainmeachadh mar cheann-suidhe, dhèanadh an ròl a bh’ aige ann an cogadh Ioraic cron nach bu bheag air cliù an Aonaidh air feadh an t-saoghail.

Air sgàth na rinn riaghaltas Tònaidh Blair, agus mar a bha e ann an coifheall ri riaghailteachd Bush anns a’ phrògram mhì-laghail de “ghlacaidhean neo-ghnàthaichte”, thàinig dol-sìos uamhasach air saorsainnean catharra. Tha seo an aghaidh Àrd-reachdas Eòrpach Chòirichean Dhaonna, a tha mar phàirt de’n chùmhnant sin.

Tha Cairt Eòrpach Chòirichean Bunaiteach a’ cur an cèill nan luach a tha mar bhonn-stèidh a’ phròiseict Eòrpaich, ’s i ’na cùl-taic do’n chùmhnant ùr. Rinn Tònaidh Blair a dhìcheall ach nach deidheadh a’ chairt a thoirt a-steach do Chùmhnant Lisboin, agus mu dheireadh chaidh aige air saoradh sònraichte fhaighinn airson na RA.

An àite a bhith a’ brosnachadh aonachadh na h-Eòrpa, tharraing seann Phrìomhaire Bhreatainn sreath de loidhnichean dearga, mar a chanadh iad, ri linn rèiteachaidhean Lisboin², ’s e ’na rùn aige adhartas ann an cuspairean sòisealta agus co-rèimeadh chìsean a bhacadh, cho math ri poileasaidh cumanta a-thaobh dìon agus dhùthchannan cèin.

A thuilleadh air an sin, tha e a’ coimhead direach do-chreidsinneach gur e bhios mar cheud Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich seann cheannard riaghaltais a chum an dùthaich aige a-mach à dà nì a tha teis-meadhanach do dhealbhadh na h-Eòrpa: roinn Schengen saor-ghluasad dhaoine, agus roinn an Eùro.

Aig àm ’nuair a tha e air tè de na ceud amaisean aig na buidhnean Eòrpach na ceanglaichean a th’ aca le’n cuid chathairichean ath-ùrachadh, tha sinn de’n bheachd gu bheil e riatanach gur e bhios ann an Ceann-suidhe na Comhairle Eòrpach neach leis an tèid na cathairichean an co-fhaireachdainn, an àite neach a chaidh a dhiùltadh leis a’ mhòr-chuid ³ Tha sinn a’ cur an cèill a-rèisde gu bheil sinn gu tur an aghaidh an ainmeachaidh seo.


  1. Cùmhnant Lisboin, Bonn 1, puing 16, a’ cur a-steach Bonn 9 B do’n Chùmhnant air Aonadh Eòrpach, puingean 5 agus 6 (2007/C 306/17, 18)
  2. Blair sets out EU treaty demands, BBC, an t-Òg-mhìos 2007
  3. Clàr 6 ann an FT/Harris poll, an t-Òg-mhìos 2007